Dath Air-loidhne
Tha an t-sreath a’ leantainn na thachair do bhuidheann de chlann-nighean ris an canar an Winx, oileanaich aig Alfea, sgoil airson sìthichean a tha suidhichte air Magix, planaid anns an taobh dhraoidheil air a bheil creutairean à miotas-eòlas Eòrpach leithid sìthichean, buidsichean is uilebheistean a’ fuireach.
Bidh iad ag atharrachadh gu bhith nan sìthichean gus sabaid an aghaidh nan droch ghillean.
Anns an sgioba tha Bloom, an dràgon-sìthiche lasrach, Stella, an sìthiche grèine deàrrsach, Flòraidh, sìthiche nàdair, Tecna, sìthiche teicneòlais, Musa, an sìthiche ciùil, agus Aïcha, sìthiche nan tonn.